A' seachnadh na Beurla

Moderator: kevin

Lewis91
Posts: 95
Joined: 2011-06-19, 0:34
Real Name: Lewis
Gender: male
Location: Perth
Country: GB United Kingdom (United Kingdom)

A' seachnadh na Beurla

Postby Lewis91 » 2013-04-16, 15:27

Mar phàirt de rannsachadh aig Oilthigh Ghlaschu, bh'aig Dòl Eòin ri Beurla a sheachnadh fad 40 latha, a' bruidhinn na Gàidhlig a-mhàin.

http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/22000828

An do dh'fheuch duine agaibh-se riamh ri a leithid a dhèanamh? Ma dh'fheuch, dè man a chaidh leibh?

User avatar
Sectori
Posts: 675
Joined: 2006-04-06, 14:12
Gender: male
Location: Tkaronto
Country: CA Canada (Canada)

Re: A' seachnadh na Beurla

Postby Sectori » 2013-05-31, 17:36

Wow, 's math dha-rìribh sin — bu toil leamsa gum b' urrainn dhomh sin a dhèanamh, ach chan eil Gàidhlig gu leòr agam, tha eagal orm, agus chan eil Gàidhlig aig na daoine a tha a' fuireach an seo idir, mar sin, cha bhiodh cuideigin ann ris a b' urrainn dhomh bruidhinn.

Aig prògram na Fraingise aig a bha mi ann an Cathair na Cuibèige as t-samhradh a chaidh, bha rud mar seo ann, aon latha nuair nach bu chòir dha na h-oileanaich a bha a' gabhail compàirt ann ach Fraingis a bhruidhinn, ach chan eil mi eòlach air càil eile mar seo a mhaireas mìos.
agus tha mo chluasan eòlach air a’ mhac-talla fhathast / às dèidh dhomh dùsgadh
(mona nicleòid wagner, “fo shneachd”)


Return to “Celtic Languages”

Who is online

Users browsing this forum: No registered users and 1 guest