Mallachd an Fhir-rabaide agus An Gruffalo

Moderator: kevin

Lewis91
Posts: 95
Joined: 2011-06-19, 0:34
Real Name: Lewis
Gender: male
Location: Perth
Country: GB United Kingdom (United Kingdom)

Mallachd an Fhir-rabaide agus An Gruffalo

Postby Lewis91 » 2011-12-24, 23:55

Fhuair mi a-mach a-raoir gu bheil Wallace is Gromit gu bhith againn sa Ghàidhlig air latha na Nollaige (bidh e a' nochdadh a-rithist oidhche challainn).
Cha mhòr gun urrainn dhomh feitheamh, cho excited 's a ghabhas! :D

Seo barrachd fhiosradhaidh ma dheidhinn:
http://www.bbc.co.uk/programmes/b018jpt7

Mur faic sibh a-màireach no oidhche challainn e, saolidh mi gum bi e ri fhaotainn air iPlayer.

Cùmaibh sùil a-mach cuideachd airson 'An Gruffalo' , tha fhios a'm gur ann do chloinne a tha e, ach feumaidh mi aideachadh gun do chòrd 'An Gruffalo' riumsa gu mòr nuair a sheall mi air an-uiridh.
Chaidh innse dhomh cuideachd gum biodh 'Tè bheag a' Ghrufallo' air aig àm air choireigin, ach chan eil sgeul air a seo anns a schedule.

Co-dhiù, tha mi 'n dòchas gum bi fìor dheagh latha agaibh uile a-màireach!
Nollaig chrìdheil!

Return to “Celtic Languages”

Who is online

Users browsing this forum: No registered users and 1 guest