Ciamar a bha an latha agaibh?

Moderator:kevin

ceid donn
Posts:2256
Joined:2008-02-15, 0:58
Country:USUnited States (United States)
Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby ceid donn » 2011-06-08, 3:20

'S ann sàmhach a tha an t-àite seo.

Bha i gu math teth ann an-seo. Cha mhòr nach do ràinig i 100F an-diugh! :doggy:

Choinnich mi ri an companach Skype agam an-dè. Thill e o na saor-làithean aige. B' ann math a bha e a bhith a' bruidhinn anns a' Ghàidhlig a-rithist.

Tha mi glè sgìth am feasgar seo. Tha an teas air gam shàrachadh. Dh'obair mi anns an gàradh mu dà uair sa mhàdainn agus tha agam ri an gàradh a dh'uisgeachadh a-rithist às dèidh dhomh a sgrìobh seo. Agus tha an dà chat agam airson an dìnnear aca. Gabhaidh mi fhìn blasad bidh cuideachd. :wink:

Gaelg

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby Gaelg » 2011-06-10, 14:12

Uill, tha mi air dèanamh mòran an-diugh. Bha mi ann an Dùn èideann a-raoir còmhla ri mo charaid. Chaidh sinn don an taigh-seinnse "Malones". `S e taigh-seinnse èireannach a th'ann ach tha e gu math daor. Cheannaich mi tuilleadh de leabhraichean Gàidhlige agus tha mi a' leughadh "ìmpireachd" a-nis. Thàinig mi dhachaigh an-diugh, Dh'fheum mi trèana a ghabhail an uair sin ghabh mi bus. Tha mi glè sgìth a-nis.

Co-dhiù thàinig mi an leabhar Gaeilge agam às an oifis a' phuist, agus rinn mi a' chùis mo dheuchainnean aig an Oilthigh, `s urrain dhomh an dàrna bliadhna a thòiseachadh =D `S e latha brèagha a th'ann. =D

ceid donn
Posts:2256
Joined:2008-02-15, 0:58
Country:USUnited States (United States)

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby ceid donn » 2011-06-10, 21:42

Cuir fios thugainn mas toil leat Impireachd. :D Bha mi a' smaoineachadh mu'n leabhar sin nuair a bha mi ag orduchadh leabhraichean air loidhne o chionn ghoirid, ach cheannach mi rud eile an àite sin. Cheannach mi dà leabhar-ùirsgeul nas sine agus an comaig-leabhar Gnothach Annasch an Dr Jekyll is Mhgr Hyde bho The Book Depository. Agus bho Sìol Cultural Enterprises, fhauir mi Eilean an Ionmhais (mholadh Aonghas, an teagasgair AGA agam, e) is an comaig-leabhar An Suiridhe Sìth (rinn Aonghas na dealbhan--thug e copaidh-Xerox do fear dhen sgeul gu'n clas Gàidhlig aig a' Cholaisde Ghàidhlig nuair a bha mi ann an ath-bhliadna, ro foillseachadh.) Cheannach mi Sia Sgeulachdan Gaidhealach cuideachd.

'S còir do 'n leabhraichean seo mo chumail tràng, nach e? :P

Tha mo cheann glè ghoirt an-diugh. Tha "migraine" uabhasach agam. Mar sin, chan eil mi a' dèanamh mòran an-dràsda. Leugh mi beagan anns a' Ghàidhlig and ann an Fraingis sa mhadainn, ach thug mi cus ùine ri càradh duilgheadas le QuickTime 's Vista air an coimpiutair glùin agam. :x Às dèidh dhomh sin a chàraich, cha robh tuilleadh luth agam. An-dràsda, tha mi dìreach a' coimhead air TBh 's a' sgrìobhadh sin. Thèid mi a-mach leis mo mhàthair airson dìnnear feasgar. Bidh sin snog air mo shon, oir chan eil mi airson a chòcaireach idir! :nope:

Gaelg

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby Gaelg » 2011-06-11, 15:02

'S còir do 'n leabhraichean seo mo chumail tràng, nach e? :P

Tha mo cheann glè ghoirt an-diugh.


Tha mòran leabhraichen agad-sa! Is cinnteach gum bi thu tràng :) Ach is lugha orm nuair a tha ceann goirt agam :(

Tha mi air leughadh tuilleadh de ìmpireachd an-diugh :) ach tha an t-aimsir glè dhona :/ tha an t-uisge ann. Bha mi nam chadal bho 7m gu 6 sa mhadainn! Bha mi uabhasach sgìth. Co-dhiù chan eil mi a' dèanamh càil inntinneach an-diugh :?

eirinn14
Posts:26
Joined:2011-05-27, 11:29
Real Name:Erin Hill
Gender:female
Location:Edinburgh
Country:GBUnited Kingdom (United Kingdom)

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby eirinn14 » 2011-06-14, 15:04

Uill, chan eil latha intinneach agam...tha feum agam a bhith dhachaigh airson bidh duine bho Virgin Media a'tighinn gam fhaicinn airson chan eil Internet cho math ann am flat agam.

ach, bidh mi a'dol don taigh-seinnse a-nochd comhla ri mo chairdean :)

Gaelg

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby Gaelg » 2011-06-15, 19:16

Tha mi ag òl leann-ubhal fhad `s a tha mi a' coimhead Whitesnake air an TBh. `S e latha math a th'ann :D. Tha mi a' feuchainn an leabhair ghàidhlig agam a leughadh ach chan eil ana-miann agam air a shon. Bha an t-aimsir math an-diugh, beagan uisge. :)

ceid donn
Posts:2256
Joined:2008-02-15, 0:58
Country:USUnited States (United States)

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby ceid donn » 2011-06-16, 17:27

B' e mo cho-là-breith a bh' ann an-dé. :partyhat:

An-diugh, bidh mi a' dol a choimhead air am film X-Men: First Class agus leam fhìn, oir chan eil duine ag iarraidh a dhol comhla rium. Tha sin ceart gu leòr. Tha e a' còrdadh rium a bhith a' coimhead air filmaichean leam fhìn. :D

Tha i glè theth an-seo. An-dé 's a-bhòn-dé, bha i còrr is 100F!!! :doggy: 'S e seo càrson a tha mi a' dol an àite a tha air conditioning aige ré pàirt as teotha an latha!

User avatar
Sectori
Posts:675
Joined:2006-04-06, 14:12
Gender:male
Location:Tkaronto
Country:CACanada (Canada)

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby Sectori » 2011-06-16, 20:24

nì eile wrote:An-diugh, bidh mi a' dol a choimhead air am film X-Men: First Class agus leam fhìn, oir chan eil duine ag iarraidh a dhol comhla rium. Tha sin ceart gu leòr.

Rachainn leat nam biodh mi an sin, ach...
agus tha mo chluasan eòlach air a’ mhac-talla fhathast / às dèidh dhomh dùsgadh
(mona nicleòid wagner, “fo shneachd”)

ceid donn
Posts:2256
Joined:2008-02-15, 0:58
Country:USUnited States (United States)

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby ceid donn » 2011-06-16, 21:28

Sectori wrote:Rachainn leat nam biodh mi an sin, ach...


Uill, tha Massachusetts pìos air falbh bho Texas, nach eil? Bu fìor chòir dhomh imrich móran nas fhaisge air "civilization." :roll:

Cha deach mi gu'm film. :x Bha agam ri am planaichean agam a dh'atharrachadh am mìonaid mu dheireadh. Bidh mi a' dol a-màireach, tha mi an dòchas.

Gaelg

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby Gaelg » 2011-06-16, 22:40

nì eile wrote:B' e mo cho-là-breith a bh' ann an-dé. :partyhat:

An-diugh, bidh mi a' dol a choimhead air am film X-Men: First Class agus leam fhìn, oir chan eil duine ag iarraidh a dhol comhla rium. Tha sin ceart gu leòr. Tha e a' còrdadh rium a bhith a' coimhead air filmaichean leam fhìn. :D

Tha i glè theth an-seo. An-dé 's a-bhòn-dé, bha i còrr is 100F!!! :doggy: 'S e seo càrson a tha mi a' dol an àite a tha air conditioning aige ré pàirt as teotha an latha!


Theirinn leat agus bhruidhneamaid sa Ghàidhlig ach tha mi a' fuireach cho fhad' air falbh :|. Tha mi 'a miannachadh gum biodh e teth an-seo, `s e latha fluich a th'ann an-diugh. Tha mi a' smaoineachadh gum bi mi ag èisteachd ri tuilleadh de Gàidhlig bho a-màireach. Choimhead mi air Pàdraig Post an-diugh :lol:

ceid donn
Posts:2256
Joined:2008-02-15, 0:58
Country:USUnited States (United States)

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby ceid donn » 2011-06-18, 22:33

Chan eil mi air faicinn X-Men: First Class fhathast. :evil: 'S dòcha a-màireach. No DiLuain. Tha mi glan airson ga fhaicinn. 'S toil leam mór James McAvoy. :mrgreen:

An-diugh, dh'éist mi ri podcasts Fraingise agus dh'obair mi aig òrain Gàidhlige. Agus rinn mi nan gnothaichean a tha agam ri dèanamh gach deireadh-seachdain leithid nan gròsaireachd 's bidhe nam peata a cheannach. Abair spórs!

Tha trioblaid choimpiutar air a bhith agam a-raoir 's an-diugh cuideachd. :? A-raoir, bha agam ri diagnostic scans a ruith air an coimpiutar a chionn 's nach ceangaileadh e gu'n eadar-lìon. 'Sa mhadainn, bha mi ag obair air an coimpiutar-glùin agus dhìochuimhnich mi ri a' chnag-dhealain a phugaich a-steach e. :roll: Mar sin, bhàsaich am bàtariadh ann an teis meadhan ruid a bha mi air sgrìobhadh airson córr is 30 mìonaidean. :evil: Mise gòrach! :roll:

Uill. feumaidh mi a' dol a dheasachadh dìnnear airson mo mhàthair an-dràsda.The mi an dòchas gu bheil deagh dheireadh-seachdain aig a h-uile duine!

Gaelic makes the Firefox spellchecker angry! :lol: :lol: :lol:

Alasdair
Posts:55
Joined:2008-06-02, 14:19
Real Name:Alasdair
Gender:male
Country:GBUnited Kingdom (United Kingdom)
Contact:

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby Alasdair » 2011-06-19, 0:20

Bha latha ceart gu leòr agam. Chaidh mi-fhìn is a' chèile agam dha na bùithtean agus cheannach sinn aodaich ùra, leabhraichean agus biadh.

Tha mi air a bhith a' coimhead air làraichean-lìn Bhreatannais cuideachd - gus cùrsa a lorg. Tha mi air leabhraichean Breatainnais fhaighinn, ach bu mhath leam rudeigin air an Lìon cuideachd.

Cuideachd, a-nochd choimhead sinn "127 Hours". Bha e anabarrach fhèin math, ach mur an toil leibh gore, chan e seo an seòrsa fiolm a bhios a' cordadh ribh.
Tha mi fileanta sa Bheurla agus cha mhòr sa Ghàidhlig. Cuideachd, tha mi ag ionnsachadh na Breatannais. Leig fios dhomh ma nì mi mearachdan! I speak Fluent English and Gaelic. I am also learning Breton. Let me know if I make mistakes!

Gaelg

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby Gaelg » 2011-06-19, 15:40

Uill, `S e latha fluich is sgòthach a th'ann :( Rinn mi bracaist airson m'athair a'mhadainn seo airson gu bheil e "Father's Day... Latha an athar?" Tha mi airson tuilleadh den leabhraichean agam a leughadh ach tha mi air ionnsachadh beagan Gàidhlig mhanainneach :) Tha sgrìobhadh neònach aice.

Agus Alasdair fàilte air ais :D

ceid donn
Posts:2256
Joined:2008-02-15, 0:58
Country:USUnited States (United States)

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby ceid donn » 2011-06-19, 20:04

Chunna mi X-Men: First Class 'sa mhadainn. Chaidh mi dhan t-sealltain aig 9:15. :shock: :P Cha robh móran duine eile ann aig an taigh-dealbh. Bha am film ceart gu leòr--s' ann beagan gòrach a tha an sgeul ach bha e a' còrdadh rium gu leòr . Cha b'e doigh dhona a bh' innte do dhuine a bhith a chuir seachad madainn Dòmhnaich

Anns an film, bha daoine a' bhruidhinn ann an Fraingis, Gearmailtis 's Ruisis (beagan Spainntis cuideachd). Thuig mi na pàirtean ann an Fraingis 's Gearmailtis gu furasta gun coimhead air na fo-thìotalan, agus thuig mi beagan pìos den Ruisis cuideachd. Bha a' Ghearmailtis aig Kevin Bacon glè mhath! Bha iongnadh orm ach saoilidh mi gun robh oide-cànan aige gu cinnteach. Agus bha an Fhraingis aig Michael Fassbender uabhasach seasgaidh. :P

Thuit an TY Gaelic Dictionary agam às a chéile. :? Bhris e aig a cheangladh-droma agus tha duilleagan a' tuiteam a-mach e. Feumaidh mi a' ceannach fear ùr. Tha faclair Colin Mark agam fhathast, ach tha e a' fàs ath-chaithte cuideachd. Tha mi air an treas copaidh agam de TY Gaelic. :lol: B' chòir dhaibh na leabhraichean sin a dhèanamh nas làidire!

Tha i glè theth an-dràsd--100F. Agus gaothach le oisteagan làidir. 'S ann glè thioram a tha i fhathast.

Ghabh mi ceapaire airson biadh meadhan-latha. A-nis, tha mi beagan sgìth. Tha mi a' smaoineachadh gun gabhaidh mi beagan cadal an-dràsda
Last edited by ceid donn on 2011-06-19, 23:21, edited 1 time in total.

Gaelg

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby Gaelg » 2011-06-19, 22:41

Tha sin math a nì eile :D ach thuirt thu "taigh-film", tha sinn ag ràdh "taigh-dealbh" `S urrainear "taigh-film" cuideachd a ràdh? Chan eil mi air cluintinn "taigh-film" roimhe. Tha fhios agam gu bheil thu ag ionnsachadh Gàidhlig Chanadach agus tha tuilleadh faclan beurla, a bheil taigh-film fear dhiubh?

sorry to be a pain in the rear, but I actually find Gaelic dialects interesting, my own gaelic is mixed between Skye and Lewis due to the contact I've had and I'm away you learn the Cape Breton form which has borrowed more english words and kept the older othorgraphy

ceid donn
Posts:2256
Joined:2008-02-15, 0:58
Country:USUnited States (United States)

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby ceid donn » 2011-06-19, 23:03

I'm sorry to have mislead you. Earlier, I was feeling sleepy and couldn't for the life of me remember what word Angus had told us in class, and I didn't want to dig through my class notes just then. He told us "taigh-dealbh" too. I'll correct that above so I don't mislead anyone else. I just stuck that in there instead of saying "movie theater." :P But I assure you, it's a made-up word on my part. It's not what they say in Cape Breton.

Also, I'm not sure why you think Gaelic in Cape Breton uses more English words than in Scotland. Both with the AGA and the Gaelic College, the learners are encouraged to NOT use words borrowed from English if there's already a Gaelic word for that thing, because as Angus has told us "you're not speaking Gaelic, but a more complicated form of English."
Last edited by ceid donn on 2011-06-19, 23:20, edited 1 time in total.

Gaelg

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby Gaelg » 2011-06-19, 23:16

:( Tha sin ok, ach tha ùidh agam air na dual-chainntean Ghàidhlig. Dh'iarr duine nam chlas ma bha sgeulachdan sgrìobhte sa Ghàidhlig Chanadach, a bheil fhios agad? Cha b'urrain dhuibh sam bith a lorg!

Tha mi duilich airson mo mhearachdan, chan eil faclair no leabhar gràmar agam :|

Oh and get some sleep! :D

Gaelg

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby Gaelg » 2011-06-21, 15:00

Oh thì, tha e uabhasach fluich an-diugh :( Chan eil an t-uisge air stad ach tha e gu math teth. :|
Feumaidh mi dol dhan na bùthan :( Càite a bheil an samhradh? :shock:

Gaelg

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby Gaelg » 2011-07-14, 12:29

Tha mi aig an Sabhal Mòr Ostaig air an Eilean Sgitheanach. `S e uabhasach brèagha an-seo. Choinnich mi mòran daoine agus tha mi a' bruidhinn gu mòr sa Ghàidhlig. Tha mi a' campachadh :'( ach chan eil e cho mi-chomhfhurtail.

Alasdair
Posts:55
Joined:2008-06-02, 14:19
Real Name:Alasdair
Gender:male
Country:GBUnited Kingdom (United Kingdom)
Contact:

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby Alasdair » 2011-07-25, 20:44

Tha mise seach searbh sgìth dhe m'obair agus tha min dòchas gum b' urrainn dhomh cùrsa trèinidh Ùlpan a dhèanamh.

Ciamar a bha do thuras anns an Eilean Sgìtheanach?
Tha mi fileanta sa Bheurla agus cha mhòr sa Ghàidhlig. Cuideachd, tha mi ag ionnsachadh na Breatannais. Leig fios dhomh ma nì mi mearachdan! I speak Fluent English and Gaelic. I am also learning Breton. Let me know if I make mistakes!


Return to “Celtic Languages”

Who is online

Users browsing this forum: No registered users and 6 guests