Page 7 of 7

Re: Cluich: an duine gu h-ìosal

Posted: 2013-09-24, 22:28
by Lewis91
Their, theirinn-sa gur e 'Tàladh Dhòmhnaill Ghuirm' fear de na h-òrain Gàidhlig as fheàrr leam.

'S toigh leis an duine gu h-ìosal a bhith a' craicearachd còmhla ris na companaich aige.

Re: Cluich: an duine gu h-ìosal

Posted: 2013-10-09, 14:00
by Sectori
O, 's toil. Nì mi còmhradh lem charaidean fad an latha a h-uile latha.

Tha an duine gu h-ìosal a' feitheamh ri rudeigin a thachras anns an t-seachdain a' tighinn.

Re: Cluich: an duine gu h-ìosal

Posted: 2013-10-18, 20:11
by Lewis91
Sectori wrote:O, 's toil. Nì mi còmhradh lem charaidean fad an latha a h-uile latha.

Tha an duine gu h-ìosal a' feitheamh ri rudeigin a thachrasanns an t-seachdain sa/seo a' tighinn.


Cha chreid mi gu bheil...mas math mo chuimhne.

Feumaidh an duine gu h-ìosal barrachd air aon chànan a chleachdadh na chuid obrach.

Re: Cluich: an duine gu h-ìosal

Posted: 2013-10-19, 1:45
by ceid donn
Lewis91 wrote:Feumaidh an duine gu h-ìosal barrachd air aon chànan a chleachdadh na chuid obrach.


Feumaidh. Feumaidh mi Beurla 's Spàinntis a chleachdadh nam chuid obrach agus eadhon beagan Iapanais cuideachd uaireanan.

Fheuch an duine gu h-ìosal ri àitheantan 'sa Ghàidhlig ionnsachadh do a chù.

Re: Cluich: an duine gu h-ìosal

Posted: 2013-10-19, 12:53
by Lewis91
Dh'fheuch an duine gu h-ìosal ri àitheantan 'sa Ghàidhlig ionnsachadh do a chù.


Cha do dh'fheuch a-riamh, leis nach eil cù agam ann.

'S beag air an duine gu h-ìosal a dhol dha na bùithtean; b' fheàrr leis stuthan a cheannach air loidhne.

Re: Cluich: an duine gu h-ìosal

Posted: 2015-03-29, 8:53
by Multiturquoise
Lewis91 wrote:'S beag air an duine gu h-ìosal a dhol dha na bùithtean; b' fheàrr leis stuthan a cheannach air loidhne.


’S beag orm.

’S toil leis an duine gu h-ìosal èisteachd ri ceòl.

Re: Cluich: an duine gu h-ìosal

Posted: 2015-05-03, 12:41
by Sectori
'S toil gu dearbh; cha mhòr nach eil mi ag èisteachd ri ceòl fad na h-ùine.

Thadhail an duine gu h-ìosal air co-dhiù còig dùthchannan san Roinn-Eòrpa.

Re: Cluich: an duine gu h-ìosal

Posted: 2020-05-13, 13:55
by Multiturquoise
Cha do thadhail.

Bidh an duine gu h-ìosal a' cur aghaidh-choimheach air nuair a thèid e a-mach.