Halò, a chàirdean ùra!

Moderator:kevin

Zwalla
Posts:6
Joined:2014-02-09, 15:43
Real Name:Zachary
Gender:male
Location:Somewhere near Toronto.
Country:CACanada (Canada)
Halò, a chàirdean ùra!

Postby Zwalla » 2014-02-10, 3:12

Uill, halò! Thòisich mi a' Ghàidhlig ionnsachadh o chionn 11 mìosan air ais, neo rudeigin mar sin, agus a-nis tha mi a' fàireachdan ceart gu leòr (nas fheàrr na bha mi, co-dhiù) mu mo chuid Gàidhlig. 'S ise a th'anns a' chiad cànan agam, uill an-dèidh Beurla... a' chiad cànan a dh'ionnsaich mise.

Cha do lorg mi an làrach-lìn seo ach an-diugh, agus chruthaich mi cunntas, agus shaoil mi gum bu chòir dhomh "Hi" a ràdh dhuibh uile. Rinn mi seo an-seo air sgàths a 's e an sub-forum seo anns a bheil mi a' smaoineachadh gum bi mi a' toirt seachad cus mòran uairean.

Tha mi air a bhith m' ionnsachadh leam fhìn, ach ged a lorg mi fileantach ris am bi mi a' bruidhinn, bu toigh leam sibh na mearachdan agam a cheartaich, ma tha sibh dheònach. Bidh mi a' cuideachadh nuair a 's urrainn dhomh, ach leis an fhìrinn innse, chan eil mi ro chinnteach mu... h-uile rud. Chan abhaist dhomh an "genitive case" a sgrìobhadh gun mhearachdan sam bith, agus bidh mòran mearachdan beaga anns mo sgrìobhadh gu cinnteach. 'S e beagan faclan an trioblaid as motha agam, agus mar sin, leughaidh mi "Air Cuan Dubh Drilseach", air a sgrìobhadh le Tim Armstrong.

A-nis, fhads a bhios mi ag obair leis a' Ghàidhlig agus ga cleachdadh, bidh mi ag ionnsachadh Ruisis cuideachd. Chan eil mi ach a' tòiseachadh leatha aig an àm seo, ach bidh na cases aice doirbh gu leòr dhomh, tha mi cinnteach.

Tha mi duilich airson na lùibeadh mo sgrìobhaidh, ach tha mise air bhioran (chan eil cus cothroman leis a' Ghàidhlig ann an seo) agus a' dèanamh fiughair ri bhruidhinn dhuibh uile!

Zack
Native: [flag=]en-CA[/flag]; Advanced-ish: [flag=]gd[/flag]; Started-ish: [flag=]ru[/flag][flag=]es[/flag]
Admiring: [flag=]he[/flag][flag=]kw[/flag][flag=]la[/flag][flag=]en_old[/flag][flag=]eo[/flag][flag=]br[/flag]

ceid donn
Posts:2256
Joined:2008-02-15, 0:58
Country:USUnited States (United States)

Re: Halò, a chàirdean ùra!

Postby ceid donn » 2014-02-10, 5:07

Halò, a Zack. Fàilte dhan fhòram.

Chan eil iomadh neach-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an-seo. Mise, Lewis91 agus 's mathaid feadhainn eile. Gu mì-fhortanach, chan eil fèill mhòr air na cànanan Ceilteach aig an làrach-lìn seo ach 's e do bheatha do sgrìobhadh anns am fòram, ma 's toil leat! Tha am fòram seo feumach air mòran daoine. A bheil fios agad mu Fòram na Gàidhlig cuideachd?

Zwalla
Posts:6
Joined:2014-02-09, 15:43
Real Name:Zachary
Gender:male
Location:Somewhere near Toronto.
Country:CACanada (Canada)

Re: Halò, a chàirdean ùra!

Postby Zwalla » 2014-02-10, 5:25

'S docha gum bi mise a' bruidhinn rium fhìn, ma-tha! Agus tha, ach chan e tric a tha mi an-sin. Sgrìobh mi beagan an-sin nuair nach robh mi ach a' tòiseachadh agus cha do thill mi. Bheir mi sùil air a-rithist, tha mi a' smaoineachadh. Bu toil leam mo fhaclair a' fàs nas motha, agus mo dhòigh sgrìobhaidh nas nàdarraiche agus nas màsaiche. Ach leis an fhìrinn innse, tha mi air a' bhòrd seo airson Afrikaans agus Ruisis cuideachd.

Nach biodh tusa ag iarraidh a bhruidhinn rium air Skype, uaireigin? Teacsa neo le ar guthan, tha mi coma.

Chì mi air a' bhòrd eile thusa, ma-tha, a dhuine!
Native: [flag=]en-CA[/flag]; Advanced-ish: [flag=]gd[/flag]; Started-ish: [flag=]ru[/flag][flag=]es[/flag]
Admiring: [flag=]he[/flag][flag=]kw[/flag][flag=]la[/flag][flag=]en_old[/flag][flag=]eo[/flag][flag=]br[/flag]

Lewis91
Posts:95
Joined:2011-06-19, 0:34
Real Name:Lewis
Gender:male
Location:Perth
Country:GBUnited Kingdom (United Kingdom)

Re: Halò, a chàirdean ùra!

Postby Lewis91 » 2014-04-28, 21:23

Latha math Zack,

Dè mar a tha thu? Ma tha sibh 'son piseach a thoirt air ur cuid Gàidhlig, mhandainn m' ainm Skype a thoirt dhuibh?

Lewis


Return to “Celtic Languages”

Who is online

Users browsing this forum: No registered users and 9 guests