Ciamar a bha an latha agaibh?

Moderator:kevin

Gaelg
Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby Gaelg » 2011-07-30, 12:17

Bha e sgoinneil Alasdair. Cha chaomh leam ùlpan. Bidh mi a' dol air ais anns a' chàisg :D!!

Alasdair
Posts:55
Joined:2008-06-02, 14:19
Real Name:Alasdair
Gender:male
Country:GBUnited Kingdom (United Kingdom)
Contact:

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby Alasdair » 2011-08-06, 1:24

Carson nach toigh leat Ùlpan? An do dh'fheuch thu e riamh?

Tha mi eòlach air feadhainn a rinn cùrsaichean Ùlpan agus thuirt iad gun robh iad gu math cuideachail.
Tha mi fileanta sa Bheurla agus cha mhòr sa Ghàidhlig. Cuideachd, tha mi ag ionnsachadh na Breatannais. Leig fios dhomh ma nì mi mearachdan! I speak Fluent English and Gaelic. I am also learning Breton. Let me know if I make mistakes!

Gaelg

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby Gaelg » 2011-08-27, 21:18

Cha deach mi le ùlpan. :)

User avatar
Sectori
Posts:675
Joined:2006-04-06, 14:12
Gender:male
Location:Tkaronto
Country:CACanada (Canada)

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby Sectori » 2013-05-31, 17:40

Tha fios agam gu bheil daoine eile ann aig a tha beagan (no còrr is beagan) Gàidhlig, ma-tha, bidh mi nam mharbh-dhraoidh nan lìnean.

An d' rinn sibh rud inntinneach an-diugh no an-dè?
agus tha mo chluasan eòlach air a’ mhac-talla fhathast / às dèidh dhomh dùsgadh
(mona nicleòid wagner, “fo shneachd”)

ceid donn
Posts:2256
Joined:2008-02-15, 0:58
Country:USUnited States (United States)

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby ceid donn » 2013-06-01, 4:06

Haidh, a Shectori. Tha e math d'fhaicinn :)

An-diugh bha mi ris a' chòcaireachd 's a' ghàirnealaireachd 's a' chluiche giotàr. An-dè bha mi còmhla ris an companach-ionnsachadh agam air Skype agus leugh sinn an leabhar-d Fo Bhuid ('s e "modernization" 'sa Ghàidhlig dhen leabhar le Robert Louis Stevenson a th'ann). Tha sinn air a' chaibideil deireannach.

Dè mu do dhèidhinn?

User avatar
Sectori
Posts:675
Joined:2006-04-06, 14:12
Gender:male
Location:Tkaronto
Country:CACanada (Canada)

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby Sectori » 2013-06-01, 5:48

Cha d' rinn mi rud inntinneach an-diugh: chaidh mi a dh'obair, ach chan eil mo cho-obraichean ann gus an t-seachdain a' tighinn, ma-tha cha b' urrainn dhomh càil a dhèanamh. Ach tha AC ann san oifis, agus bha i ro theth dhomh fhìn a-muigh an-diugh, mar sin bha mi a' suidhe san oifis a' leughadh tumblr airson an latha uile.

(Uill, faisg air: chaidh mi a bhùth airson càraid agam: bha feum aige air course packet airson a chlas aig an oilthigh as t-samhradh seo ach cha bhi e ann ach Didòmhnaich agus cha bhi am bùth-clòdhaireachd fosgailte an uair sin; bha agam ri bhith ga thaisealbhadh :P, ach cha robh sin doirbh. Thuirt mi an t-ainm aige agus thuirt iadsan, "an tusa Eanraig?", agus bha sin e.)

A bheil thu a' dèanamh rudeigin inntinneach as t-samhradh? Bidh mise ann an Alba Nuadh san Iuchar a' rannsachadh mu dheidhinn lìtreachais Ghàidhlig san roinn.
agus tha mo chluasan eòlach air a’ mhac-talla fhathast / às dèidh dhomh dùsgadh
(mona nicleòid wagner, “fo shneachd”)

ceid donn
Posts:2256
Joined:2008-02-15, 0:58
Country:USUnited States (United States)

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby ceid donn » 2013-06-01, 17:32

Sectori wrote:A bheil thu a' dèanamh rudeigin inntinneach as t-samhradh? Bidh mise ann an Alba Nuadh san Iuchar a' rannsachadh mu dheidhinn lìtreachais Ghàidhlig san roinn.


Nach buidhe dhut! Tha mi an dòchas gum bi e a' còrdadh riud. :) Tha mi airson a' dol gu Ceap Breatainn airson seachdain-bogaidh as t-samhradh seo ach chan eil mi a' smaoineachadh gum bi an t-airgead agam. :( Tha thu a' fuireach nas fhaisge air Alba Nuadh mar sin cha bhiodh e cho daor ri bhiodh e airson mi fhìn.

Bidh mi ag obair mar saor-thoileach ann an clàsan-ciùil samhraidh airson clann. Bidh e snòg ach b' fheàrr leam tuarastal fhaighinn. :lol:

Anns a' mhadainn an-diugh ruith mi mìle gu leth agus mar sin choisich mi air ais chun mo dhachaigh. Ruithidh mise gach dàrna latha.

A-nochd thèid mi gu cuirm-chiùil le From the Top. 8-) Tha mi a' coimhead air adhart ris!

User avatar
Sectori
Posts:675
Joined:2006-04-06, 14:12
Gender:male
Location:Tkaronto
Country:CACanada (Canada)

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby Sectori » 2013-06-01, 19:03

ceid donn wrote:
Sectori wrote:A bheil thu a' dèanamh rudeigin inntinneach as t-samhradh? Bidh mise ann an Alba Nuadh san Iuchar a' rannsachadh mu dheidhinn lìtreachais Ghàidhlig san roinn.

Nach buidhe dhut! Tha mi an dòchas gum bi e a' còrdadh riud. :)

Chaidh mi aon turas a Halafacs mu thràth, ach cha deach mi riamh a Cheap Breatainn, ma-tha, tha mi air bhioran! Bidh mi ann an Halafacs, anns a' Bhaile Mhòr, agus ann an Sidni.

Luchdaich mi a-nuas an leabhar sin (Fo Bhuid) a-raoir agus leugh mi an dà dhuilleag aig an tòiseach — bidh e glè mhath, tha mi a' smaoineachadh.

Leugh mi an-diugh leabhar bhàrdachd le Benjamin Alire Sáenz — bha e glè inntinneach. An t-seachdain a chaidh leugh mi nobhail a sgrìobh e, Aristotle and Dante Discover the Secrets of the Universe, agus bha mi ag iarraidh leughadh tuilleadh dhe a sgrìobhadh.
agus tha mo chluasan eòlach air a’ mhac-talla fhathast / às dèidh dhomh dùsgadh
(mona nicleòid wagner, “fo shneachd”)

ceid donn
Posts:2256
Joined:2008-02-15, 0:58
Country:USUnited States (United States)

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby ceid donn » 2013-06-03, 5:28

Uill, an-diugh bha mi beagan leisg. Feasgar bha mi a' coimhead air Game of Thrones. B' ann glè fhuilteach a bha an t-eadar-sgeul a -nochd. :para: An-dràsda tha mi a' coimhead air Return of the Jedi, ach tha mo shùilean sgìth 's bu chòir dhomh mo leabaidh a thoirt.

Sectori wrote:Chaidh mi aon turas a Halafacs mu thràth, ach cha deach mi riamh a Cheap Breatainn, ma-tha, tha mi air bhioran! Bidh mi ann an Halafacs, anns a' Bhaile Mhòr, agus ann an Sidni.


Glè mhath. Chaidh mi do Halafacs 's Colaisde Na Gàidhlig Naoimh Anna 's an Clachan Gàidhealach ann an Iona nuair a bha mi ann.

Sectori wrote:Luchdaich mi a-nuas an leabhar sin (Fo Bhuid) a-raoir agus leugh mi an dà dhuilleag aig an tòiseach — bidh e glè mhath, tha mi a' smaoineachadh.

Leugh mi an-diugh leabhar bhàrdachd le Benjamin Alire Sáenz — bha e glè inntinneach. An t-seachdain a chaidh leugh mi nobhail a sgrìobh e, Aristotle and Dante Discover the Secrets of the Universe, agus bha mi ag iarraidh leughadh tuilleadh dhe a sgrìobhadh.


Tha Fo Bhuid air còrdadh glè mhath rium. :)

Tha Sáenz a' fuireach 's a' teagaisg an-seo, ann an El Paso. Chan eil mi leabharaichean sam bidh aige a leughadh riamh. 'S dòcha gum bi mi. Ach tha mi leabhar mu JS Bach a leughadh an-dràsda.

User avatar
Sectori
Posts:675
Joined:2006-04-06, 14:12
Gender:male
Location:Tkaronto
Country:CACanada (Canada)

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby Sectori » 2013-06-03, 15:39

Uill, theirinn gu bheil Aristotle and Dante aon de na leabhraichean as fheàrr leam a-nis, mar sin, ma tha àm agad, mholainn e.

Bha a h-uile duine san taigh far a bheil mi a' fuireach as t-samhradh a' coimhead air Arrested Development a-raoir, agus chan eil mi a' tuigsinn carson as toil leotha e. 'S e prògram mì-èibhinn a th' ann.
agus tha mo chluasan eòlach air a’ mhac-talla fhathast / às dèidh dhomh dùsgadh
(mona nicleòid wagner, “fo shneachd”)

ceid donn
Posts:2256
Joined:2008-02-15, 0:58
Country:USUnited States (United States)

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby ceid donn » 2013-06-03, 20:36

'S toil leamsa Arrested Development cuideachd ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil a' chiad shreath as fheàrr. Tha an sreath ùr air Netflix ceart gu leòr ach chan eil e cho èibhinn ri a' chiad shreath.

Tha mo chat aig an lèigh-bheathach an-diugh airson lèigh-lann fiaclair. :( Spìon iad 11 de a fhiaclan às agus an-dràsda tha e a' slànachadh às an lèigh-lann aig a' chlionaic. Bheir mi e dhachaigh ann an dà uair.

Phàigh mi bileagan cuideachd an-diugh. Abair spòrs! :nope:

Tha mi gun obair airson an ath dà sheachdain. Bidh mi ag obair air mo cheòl 's Gàidhlig 's Iapanais agus 's dòcha beagan sgrìobhadh.
Last edited by ceid donn on 2013-06-04, 4:59, edited 1 time in total.

User avatar
Sectori
Posts:675
Joined:2006-04-06, 14:12
Gender:male
Location:Tkaronto
Country:CACanada (Canada)

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby Sectori » 2013-06-03, 23:46

:( Tha mi 'n dòchas gum bi do chat a' faireachdainn nas fheàrr.

Cha d' rinn mi mòran an-diugh: dh'obair mi airson aon uair 's an dèidh sin cha robh mi ach air tumblr airson...ceithir uairean... A-màireach, 's dòcha. :P

Dè a sgrìobhas tu?
agus tha mo chluasan eòlach air a’ mhac-talla fhathast / às dèidh dhomh dùsgadh
(mona nicleòid wagner, “fo shneachd”)

ceid donn
Posts:2256
Joined:2008-02-15, 0:58
Country:USUnited States (United States)

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby ceid donn » 2013-06-04, 15:00

Sectori wrote:Dè a sgrìobhas tu?


'S àbhaist dhomh ficsean saidheansail a sgrìobhadh ach beagan bàrdachd cuideachd uaireannan. :) Tha mi a' smaoineachadh gur còir leam pìos no dhà de mo sgrìobhadh a chur air Tumblr. Tha cunntas Tumblr agam ach chan eil mi ga chleachdadh airson rud sam bidh.

An-diugh gabh mi cùram ri mo chat a slànachadh às an lèigh-lann fhathast. Chan eil e glè thoilichte. Anns a' mhionaid, bheir mi mo chù taobh a-muigh airson eacarsaich mus fàs i ro thèth. Bidh i mu 100F an-seo am feasgar an-diugh. :shock: Cha toil leam an teas seo idir. :(

User avatar
Sectori
Posts:675
Joined:2006-04-06, 14:12
Gender:male
Location:Tkaronto
Country:CACanada (Canada)

Re: Ciamar a bha an latha agaibh?

Postby Sectori » 2013-06-04, 15:25

'S math sin! Ma chuireas tu e air tumbr, cuir fios thugam: bu toil leam a bhith ga leughadh. Sgrìobhaidh mi fhìn sgeòil-guaineis(?) uaireannan agus sgrìobh mi mòran de bhàrdachd sa' Ghàidhlig am-bliadhna oir bha mi glè angstaidh (:P) 's bha mi ag iarraidh cleachdadh, ach chan eil mi cinnteach gu bheil mi ag iarraidh gum bi cuideigin eile ga leughadh.

Oof, cha toil leam teas idir — chan robh i ach ~80ºF an t-seachdain seo agus bha sin ro theth dhomhsa mu thràth.
agus tha mo chluasan eòlach air a’ mhac-talla fhathast / às dèidh dhomh dùsgadh
(mona nicleòid wagner, “fo shneachd”)


Return to “Celtic Languages”

Who is online

Users browsing this forum: No registered users and 6 guests